top of page

Tha mi air cur romham Gàidhlig a chumail ris a' chloinn agam fad an t-siubhail. Dè nì mi nuair a bhios sinn am measg dhaoine aig nach eil i?

6.png

Tha e coltach gu bheil luchd na Beurla dhen bheachd gun tionndaidh sinn chun na Gàidhlig a dh'aona-ghnothach airson bruidhinn mun deidhinn gun fhiosta dhaibh dè tha sinn ag ràdh; ach 's ann air an rathad eile a tha gnothaichean ann an da-rìreabh. Bidh an t-uabhas againn a' faireachadh caran mì-chofhurtail a' bruidhinn sa Ghàidhlig ma bhios duine sam bith nar cuideachd nach tuig i, agus thoradh sin bidh sinn a' tionndadh chun na Beurla. Ach carson?

Thar iomadh bliadhna chaidh Gàidhlig a chur an iomall 's a chumail fodha, agus le sin thathar tric a' toirt a chreidsinn oirnn nach eil ar cànan no ar cultar cho luachmhor ri cànan 's cultar na Beurla, agus gu bheil e mì-mhodhail ar cànan fhèin a bhruidhinn, air neo gum bi sinn ga bruidhinn a dh'aona-ghnothach airson daoine a chumail a-mach às ar còmhraidhean. Gu mì-fhortanach, tha am beachd seo pailt nar coimhearsnachdan fhèin - ach chan eil e fìor.

 

Chan eil e mì-mhodhail no 'exclusionary' Gàidhlig a bhruidhinn ri do phàiste nuair tha thu a-muigh, tha e na phàirt chudromach de bhith a' sealltainn dha do phàiste gun gabh an cànan a chleachdadh ann an iomadh diofar shuidheachadh agus a bhith a' neartachadh na dàimh a tha eadaraibh sa chànan.


Ma tha cuideigin air tighinn a chèilidh aig nach eil a’ Ghàidhlig, cùm ort a’ bruidhinn a’ chànain ris a’ chloinn. Mìnich don neach a tha air tighinn a chèilidh cho cudromach ’s a tha seo, agus cha bu chòir gun gabh iad san t-sròin e. Cha bu chòir dhut stad a chur air a’ chèiliche bruidhinn ri do chuid chloinne ann am Beurla no cànan sam bith eile. ’S e as cudromaiche gun cùm thu fhèin ris a’ Ghàidhlig.

bottom of page