Ath-stèidhich a' Ghàidhlig: Ga bruidhinn ri do chloinn is ri d' oghaichean
Fiù 's mura h-eil Gàidhlig aig do chuid chloinneadh no aig d' oghaichean, 's urrainn dhut a toirt beò nad theaghlach a-rithist. Thèid aig cloinn air cànan a thogail gu sgiobalta, gu h-àraidh ann an dàimh bhlàth, ghràidheil. Seo beagan comhairle a tha sinn an dòchas a bhios feumail dhut:

1. Mean air mean, beag air bheag
-
Cleachd abairtean làitheil cuide ri do theaghlach: beannachdan, amannan-bìdh, àm-cadail is eile.
-
Cuir leubailean air diofar rudan san taigh.
-
Thoir dhaibh òrain, rannan is sgeulachdan, gu h-àraidh an fheadhain a chuala tu fhèin nuair a bha thu beag.
2. Cruthaich àrainneachd làn Gàidhlig
-
Coimheadaibh air prògraman air Alba còmhladh
-
Leugh leabhraichean Gàidhlig còmhladh -
-
Feuch gun tèid sibh gu dannsaichean-cèildih is tachartasan Gàidhlig eile còmhladh.
3. Feuch gum bi dìbhearsan gu leòr ann
-
Cluichibh geamannan simplidh — leithid “Chì mi le mo shùil bhig...” no geamannan chairtean le facail Ghàidhlig.
-
Cleachdaibh geamannan air-loidhne no apps do chloinn.
-
Brosnaich iad gu bhith a' tarraing dhealbhan no a' dèanamh cheàrd-làimheadh is tu a' toirt seachad stiùireadh sa Ghàidhlig
4. Bi onarach is brosnachail
-
Inns dhaibh mun dàimh a th' agad fhèin leis a' chànan is mìnich dhaibh carson nach do bhruidhinn thu Gàidhlig rietha roimhid
-
Cuir nan cuimhne gu bheil e cgl mearachdan a dhèanamh. 'S e adhartas as cudromaiche, chan e foirfeachd
5. Tog ceanglaichean le luchd-labhairt eile
-
Faigh lorg air buidhnean pàrant is pàiste no clasaichean coimhearsnachd nad sgìre fhèin.
-
Brosnaich d' oghaichean gu cairdeasan a thogail le cloinn eile le Gàidhlig.
-
Ma ghabhas a dhèanamh, cuiribh seachad ùine cuide ri daoine nas aosta sa choimhearsnachd.
6. Cleachd teicneolas gus do chuideachadh
-
Dèan bhidio call gu càirdean 's caraidean.
-
Clàraich bhidio dhìot fhèin a' leughadh sgeulachd airson d' oghaichean.
-
Cleachd fo-thiotalan no fuaim Gàidhlig ma tha iad rim faighinn air apps is eile.
Na dèan cus smaoineachaidh mu dheidhinn
Cuimhnich nach eil duine sam bith an dùil gum bi thu 'a' teagasg' a' chànain, mar gum b' eadh- mura h-eil thu cinnteach gu dè mar a mhìnicheas tu an gràmar is eile, feuch gun stìuir thu iad a dh'ionnsaigh nan goireasan-ionnsachaidh a tha seo.
