top of page

Tha fhathast an t-ubhas mì-thuigse a-muigh an sin san t-saoghal mhòr mu dhà-chànanas. Mura h-eil thu fhèin ro chinnteach, thoir sùil air an earrainn air 'Dà-chànanas'. 

Chan eil adhbhar dragh ann idir. Cha ghabh mòr-chànan mar Bheurla a sheachnadh, fàsaidh iad eòlach air a’ chànan tro thelebhisean, rèidio, caraidean agus a’ choimhearsnachd.

A' faithneachadh nàimheadas an aghaidh a' chànain

Ma tha cuideigin a' moladh dhut gun a bhith a' bruidhinn Gàidhlig ri do phàiste, feuch gum faighnich thu dhut fhèin;

 

  • A bheil beachd an neach seo cudromach dhomh?

  • Dè am beachd a th' aca air a' Ghàidhlig co-dhiù? 

  • An do thachair rudeigin dhaibhsan nam beatha a tha a' toirt orra smaointinn mar seo? M.e. an deach stad a chur orra Gàidhlig a bhruidhinn nuair a bha iad òg, air neo an deach a ràdh riutha gun cuireadh an cànan bacadh orra?


 

Deagh Ghàidhlig = droch Bheurla?

Breug chronail as fheàrr fhàgail air ar cùlaibh

bottom of page