top of page

Ar n-amas
 

'S e ar n-amas a bhith a’ togail coimhearsnachd de luchd-labhairt misneachdail ’s soirbheachail a bheir an cànan don ath-ghinealach. Tha dealas phàrant agus theaghlaichean a tha aig cridhe na tha sinn a’ dèanamh ’s iad a’ brosnachadh na Gàidhlig nan dachaighean fhèin.

Aon teaghlach mòr,

iomadh suidheachadh

​

Tuigidh sinn gu bheil a h-uile teaghlach eadar-dhealaichte – eadar iadsan a tha fìleanta ’s iadsan a tha air ùr-thighinn don chànan. Tha an làrach-lìn seo a’ feuchainn ri comhairle shoilleir agus taic fheumail a thoirt do theaghlaichean a tha airson Gàidhlig a chur an teis-meadhan nam beatha làitheil.

​

Cuir a' Ghàidhlig aig cridhe do dhachaigh

Cleachd i

Tog i

Sgaoil i

CnP-Sun-Name-Stroked-Transparent.png

Comann nam Pàrant 

5 Caolshràid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ

5 Caolshraid Mhìcheil
Inbhir Nis
IV2 3HQ

  • Instagram
  • Facebook
  • Twitter
bottom of page