
A' tuigsinn mar a chailleadh a' Ghàidhlig nad theaghlach -
agus mar a gheibh thu air ais i
Tuigidh sinn gur e cuspair duilich, goirt a tha seo do chuid a dhaoine - ach tha sinn gu làidir dhen bheachd gu bheil e fìor chudromach gum bruidhinn sinn air gu h-onarach is gu fosgailt.
Mus coimhead sinn ri mar a chuireas tu a' Ghàidhlig aig cridhe do theaghlaich a-rithist, 's fhiach e cnuasachadh air na leanas an toiseach:
-
Ciamar a thèid cànan a chall?
-
Dè an lìonra-taice a tha ann dhut an-dràsta?
Ciamar a thèid cànan a chall?
Gu mì-fhortanach, chan i Gàidhlig a-mhàin a tha san aon staing seo, 's iomadh cànan eile air an t-saoghal a tha ann an cunnart a dhol à bith air sàilleibh gu bheil a luchd-labhairt air tòiseachadh air cànan - a language which usually carries a great deal of perceived and/or real prestige and power:
'Language loss/death does not just happen, nor is it natural and/or inevitable. Rather it is always socially, culturally and politically situated within a wider nexus of (often highly unequal) power relations between, and within, language groups.'
[May, S. (2003) 'Rearticulating the case for minority language rights'. Current issues in language planning, 4, 2:119]

Ann an suidheachadh na Gàidhlig, agus gu dearbh le suidheachadh iomadh mhion-chànan eile, chì sinn an cron maireannach a rinneadh le daoine a chleachd an t-ùghdarras is a' chumhachd aca gus clann a pheanasachadh 's a nàrachadh bhon chiad latha a chuir iad cas thar starsaich an taigh-sgoileadh, dìreach air sàilleibh gu robh iad a' bruidhinn ann an cànan an teaghlaich, an dualchais is an dùthcha.
Nuair a thèid pàiste a bhurraidheachd 's a pheanasachadh airson a chànan fhèin a bhruidhinn, nì e cron uabhasach air an cuid misneachd 's cho deònach 's a bhios an cànan sin a bhruidhinn agus a dhol an sàs sa chultar aca fhèin. Mar thoradh air seo, tha e gu mòr a' cur an lùghad cho dòcha 's a tha e gun toir am pàiste seo a' Ghàidhlig dha chlann fhèin 's e na inbheach. Agus 's ann mar seo thòisicheas an cànan ùr (Beurla) a' cur às dha cànan na sgìre.
Re-establishing Gaelic as a language of your Family. Where to start?
First of all, are there any native-speakers left in your family? Your own parents perhaps? Or maybe a grandparent?
Explain to them that you want to learn Gaelic and that you want your own children to learn as well.