A' cumail ris a' Ghàidhlig
Ann an saoghal làn Beurla, tha e air fàs na dhùbhlan ìre mhath de Ghàidhlig a chumail ris na Gàidheil òga nar measg - ach chan eil sin ri ràdh nach gabh a dhèanamh. Le planadh is taic, thèid agad air teaghlach a thogail le Gàidhlig mar phrìomh chànan no air fear de phrìomh chànain na dachaigh. Seo agad ro-innleachdan 's comhairle a tha sinn an dòchas a bhios feumail dhuibh:
Gàidhlig aig aonan agaibh
Mura h-eil Gàidhlig aig do chèile, mìnich carson a tha an cànan cudromach dhut agus brosnaich iad gus co-dhiù beagan dhen chànan ionnsachadh. Bidh Comann nam Pàrant a’ tabhann chlasaichean an-asgaidh a h-uile teirm - cuir post-d gu lewis@cnag.org airson
tuilleadh fiosrachaidh.
Leugh mu dheidhinn ann am barrachd doimhneachd air parant.org
Gàidhlig aig an dithist agaibh
Ma tha Gàidhlig agad fhèin is do chèile, feuch gun gabh sibh ceumannan
gus a’ Ghàidhlig a stèidheachadh mar phrìomh chànan na dachaigh mus tig am pàiste - togaidh a’ chlann Beurla gu leòr bhon t-saoghal mhòr a-muigh gun fhiosta dhaibh.
Ma tha e a' faireachadh rudeigin mì-nàdarra a bhith a' còmhradh ri chèile sa Ghàidhlig an-dràsta, tha corra rud a ghabhas a dhèanamh:
-
Taghaibh amannan sònraichte far am bruidhinn sibh ann an Gàidhlig a-mhàin, can aig àm na dinnearach.
-
Tòisichibh 's crìochnaichaibh gạch còmhradh sa Ghàidhlig gus an ruig sibh an ìre far am bi cridhe a' chòmhraidh sa Ghàidhlig cuideachd.
Cuimhnichibh gur e cleachdadh an rud as cudromaiche; bidh ur pàiste coma co-aca a bheil greim agad air na tuisealan no puingean eile den ghràmar. Ma tha sibh ag iarraidh taic leis a' Ghàidhlig agaibh, cuiribh brath gu lewis@cnag.org airson tuilleadh fiosrachaidh mu chothroman cabadaich is eile.
A' cur ris a' choimhearsnachd Ghàidhlig a tha mu thimcheall oirbh
Ma bhios sibh a' falbh gu buidhnean pàrant is pàist Gàidhlig, glè thric cha bhi cus Gàidhlig aig na teaghlaichean eile a bhios an làthair. Rud a chitheadh cuid mar laigse, ma dh'fhaoidte, ach tha e an urra rinn uileadh a bhith a'
